BBC Naidheachdan

Pròiseas tairgse gus leantainn

Bhòt Pàrlamaid na h-Alba an aghaidh rùn bhon Phàrtaidh Làbarach a bha a' moladh stad a chur air pròiseas tairgse nan seirbhisean aiseig air a' chost an iar.

Thuirt na Làbaraich gu bheil am pròiseas cosgail, 's ag adhbhrachadh troimh-chèile.

Thuirt an Riaghaltas nach eil dol às aca fo laghan na h-Eòrpa ach tairgsean iarraidh.