BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha feadhainn ann an caibineat nan Làbarach ag ràdh gum fàg iad an dreuchd ma dh'fheuchas Jeremy Corbyn ri toirt orra bhòtadh an aghaidh ionnsaighean-adhair Breatannach air IS ann an Siria. Thig am pàrtaidh gu co-dhùnadh Diluain air an tèid òrdachadh dha na buill-phàrlamaid Làbarach taic a chui rin ceannard ann am bhòt anns na Cumantan. Tha luchd-taic Mhgr Corbyn ag ràdh gu bheil esan a' riochdachadh na mòr-chuid de bhallrachd a' phàrtaidh na sheasamh an aghaidh ionnsaighean ann an Siria. Tha am Priomhaire, Dàibhidh Camshron, a tha aig co-labhairt ann am Malta an-diugh, ag iarraidh air buill Làbarach an taic a chur ris agus esan ag ràdh nach bi bhòt ann mura bi e cinnteach gun soirbhich leis.

Thuirt Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin, gum bi co-obrachadh dlùth bho seo a-mach eadar iad agus an Fhraing as na h-ionnsaighean air IS ann an Siria. Ach chan eil iad ag aontachadh dè an t-àite a bu chòir a bhith aig Ceann-suidhe Shiria, Bashar Al Assad, ann an riaghladh na dùthcha.

Rinn Ceann-suidhe Hollande na Frainge luaidh aig seirbheis nàiseanta ann am Paris air an 130 a chaill am beatha anns na h-ionnsaighean an sin cola-deug bho an-diugh. Thuirt Francois Hollande gun tèid an fheadhainn a bha air cùlaibh na ceannairc a thoirt gu ceartas.

Tha poilis ann am Béal Feirste a' rannsachadh ionnsaigh le gunna air càr anns an robh dithis oifigearan poilis. Chaidh ochd peilearan a losgadh air cliathaich a' chàir ach thàinig na h-oifgearan às gun leòin.

Chaidh gealltain gun dèan MG Alba an dìcheall BBC Alba a dhìon bho bhuaidh a bhith a' call £1m de thaic-airgid Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Stiùiriche Leasachaidh MG Alba, Iseabail Nic an t-Sagairt, gum biodh iad nas èideachdaiche mar bhuidhinn, ged a dh'aidich i gu bheil beagan de mì-chinnt ann mu shuidheachadh BBC Alba le ùrachadh cairt rìoghail a' BhBC.

Tha bàtaichean-teasargainn Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa a' dèanamh cobhair air bàta cargo beagan an ear air Ceann Dùnaid ann an Gallaibh. Bha an t-soitheach "Leah", a tha mu 100 meatair de dh'fhaid air a slighe gu Straumsvik ann an Innis Tile.