Caidreachas Linda Norgrove air £1m a thogail
Chaidh £1m a thogail ann an ainm boireannaich à Leòdhas a chaidh a mharbhadh ann an Afghanistan bho chionn còig bliadhna.
Bhàsaich Linda Norgrove nuair a dh'fheuch feachdan Aimeriganach ri a saoradh bhon Taliban, a bh' air a toirt am bruid.
Tha an caidreachas a stèidhich a pàrantan a' feuchainn ri beatha nas fheàrr a thoirt do bhoireannaich agus clann.