Dragh mu dheoch-làidir air a' Ghàidhealtachd
Tha 40% de mhuinntir na Gàidhealtachd ag òl barrachd deoch làidir na bu chòir.
Sin a rèir aithisg ùr bho NHS na Gàidhealtachd.
Tha an aithisg cuideachd a' dèanamh a-mach gu bheil 10% de dh'fhireannaich a' fulang le trioblaid dibhe.
Fhuaireadh cuideachd gun tàinig àrdachadh san àireamh de bhoireannaich eadar 16 agus 24 a tha ag òl cus.
- Air fhoillseachadh
- 1 An Dùbhlachd 2015
- Earrann
- Naidheachdan