Adhartas le cion-leapanan
Tha coltas gu bheil faochadh air fàire airson suidheachadh cion-leapanan aig ospadal nan Eilean.
Bha am Bòrd Slàinte ag ràdh gu robh duilgheadas ann le tòrr leapanan air an cleachdadh le daoine a bha fallain gu leòr airson an ospadal fhàgail - ach nach robh buileach deiseil airson tilleadh dhachaigh.
Chaidh innse gum bi naoi leapanan ùr ann an Dachaidh Cùram Bethesda ri fhaotainn dhan Ospadal.