Iomairt ùr am bailtean na Gàidhealtachd

Thòisich iomairt airson am poball a chumail sàbhailte air sràidean bhailtean na Gàidhealtachd aig àm na Nollaig.

Tha "Operation Respect" a' toirt diofar bhuidhnean còmhla; leithid nam Poileas, BID Inbhir Nis agus Maoir-sràide - neo "Street Pastors".

Tha iad ag amas barrachd riochdairean a chur air an t-sràid airson taic a thoirt do dhaoine a tha feumach air, agus stad a chur air feadhainn a tha ri dol a-mach mi-shòisealta.