BBC Naidheachdan

Inbhe ùr dha Cùil Lodair?

Dh'fhaodadh gun tèid feuchainn ri inbhe glèidhteachais UNESCO fhaighinn do raoin-bhlàir Chùil Lodair, a rèir fhir de chomhairlichean na sgìre.

Chaidh ìnnse do BhBC Alba gu bheil teansa ann air inbhe dualchais na cruinne fhaighinn dhan làraich, às dèidh do chomhairlichean gabhail ri moladh gus an sgìre ghleidhteachais a th' ann mar-thà a leudachadh.