Oighreachd na Pàirce an làmhan na coimhearsnachd
Tha Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas a-nis ann an làmhan na coimhearsnachd.
Thàinig fios foirmeil troimhe Dihaoine gun deach an obair lagha gu lèir a choileanadh agus gu bheil na daoine air am fearann a cheannach bhon fhear leis an robh e ron a seo, Barry Lomas.
Tha seo a' cur crìoch air cùis a bha gu math troimh-chèile agus connspaideach aig amannan.