Uairean bhancaichean ga ghearradh
Chaidh gearradh a dhèanamh Diluain air na h-uairean-fosglaidh aig cuid de bhancaichean a' chinn a tuath.
Tha gearain gu h-àraidh air taobh sear Chataibh far an deach lùghdachadh mòr a dhèanamh air uairean Bhanca na h-Alba ann an Dòrnoch, Drochaid a' Bhanna agus Bun Illidh.
Cha bhi Banca Dhrochaid a' Bhanna fosgailte ach aon latha san t-seachdainn airson còig uairean a thìde, 's tha cuid a' faicinn seo mar cheum gus a dhùnadh uile gu lèir.
Tha Pàdraig MacAmhlaidh ag aithris.