BBC Naidheachdan

Beat-bogsa, ceòl Raga 's a Ghàidhlig

Dè a tha a' ceangal òrain Ghàidhlig, beat-bogsa agus cèol Raga anns na h-Innseachan?

Uill thàinig na stoidhlichean ciùil sin cruinn còmhla ann am Port Rìgh an-raoir, aig cuirm a bha na ro-shealladh air na bhios a' tachairt mar phàirt de dh'fhèis mhòr na bliadhna ùire ann an Dùn Èideann.

Bha am fear-naidheachd, Calum MacIlleathain, san èisteachd.