Coidse coimhearsnachd na bliadhna

Chaidh fear nach do chluich rugbaidh e fhèin a-riamh, ach a tha air bliadhnachan a chuir seachad a' teagasg a' gheam dhan òigridh ann an Leòdhas, ainmeachadh mar choidse coimhearsnachd na bliadhna 'son na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Buinidh Calum Caimbeul do sgìre a' Bhac, ach tha air a bhith na choidse aig Sgoil Lacasdail anns an eilean fad ochd bliadhna, agus tha e air iomadach cluicheadair òg a thoirt air adhart san ùine sin.

Le barrachd, seo Murray MacLeòid.