BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha dùil gun innis Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, an-diugh nach bi àrdachadh sam bith anns a' chìs chosnaidh an Alba an ath-bhliadhna, ged a bhios cead aig Riaghaltas na h-Alba a' chìs sin a chur suas. Tha Mgr Swinney a' foillseachadh buidseat na h-ath-bhliadhna, agus cha bhi àrdachadh nas motha anns a' chìs chomhairle - rud a tha a' cur dragh air na h-ùghdarrasan ionadail.

Dhiùlt a' chùirt as àirde san Rìoghachd Aonaichte tagradh a rinn am fear-gnothaich Dòmhnall Trump an aghaidh tuath-ghaoithe aig muir faisg air làrach mhòr ghoilf aige ann an Siorrachd Obar Dheathain. Bha Mgr Trump, a tha an dòchas seasamh ann an taghadh a' Chinn-Suidhe sna Stàitean Aonaichte, ag argamaid gum milleadh na crainn-ghaoithe, a fhuair cead ann an 2013, an sealladh bhon ionad ghoilf aig a' Bhaile Mheadhanach, beagan tuath air Obar Dheathain.

Thuit an àireamh dhaoine a tha gun chosnadh an Alba, agus air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha na h-àireamhan oifigeil an-diugh ag ràdh gun robh 8,000 nas lugha gun obair eadar an Lùnastal agus an Damhar, a' cur na h-àireimh gun chosnadh an Alba aig 156,000. Bha àireamh na Rìoghachd Aonaichte air fad sìos 110,000 gu beagan os cionn 1.7 millean.

Rinn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba toileachadh ris a' chuota airson an iasgaich a chaidh aontachadh anns a' Bhruiseil an-raoir. Am measg na chaidh aontachadh tha cuotathan nas motha airson iasgach na h-adaige agus an truisg anns a' Chuan a Tuath.

Bidh làn-deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba airson a' chiad uair an-diugh air Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun tig crathadh air siostam fearainn na dùthcha leis, ach tha dragh air cuid mu dè thig às. Thèid iarraidh air buill na Pàrlamaid taic a chur ris a' bhile ann am prionnsabal, ach bidh cothrom ann fhathast atharrachadh a thoirt air.

Thuirt luchd-iomairt anns an Eilean Sgitheanach gu bheil dòchas às ùr aca leis gun iarr Comataidh nan Ath-chuingean Poblach aig Holyrood ath-sgrùdadh neo-eisimeileach air plana NHS na Gàidhealtachd airson seirbheisean slàinte na sgìre. Thug a' bhuidheann iomairt SOS-NHS ath-chuinge dhan Chomataidh an-dè le còrr is 4,000 ainm a' cur an aghaidh a' phlana fo am biodh ospadal ùr anns an Ath Leathann agus nas lugha de sheirbheisean aig Ospadal Phort Rìgh.