Dragh as ùr mu sheirbheis aiseag Mhalaig/Loch Baghasdail
Chan eil aiseag air seòladh eadar Loch Baghasdail is Malaig ach trì tursan ann an sia seachdainean air a gheamhradh seo.
Seo a' bhliadhna mu dheireadh den sgeama pìleat a thòisich ann a dà mhìle 's a trì deug.
Tha daoine fhathast a' clàradh airson na h-aiseig ach le sùil gheàrr air an aimsir.
Aig a cheart am, chaidh fiolm èibhinn mun t-seirbhis a chuir dhan fharpais aig FilmG.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris....