Iarrtas son companaidh adhair ùr
Bu chòir do bhuidhnean poblach mu thuath companaidh adhair a stèidheachadh an àite Loganair, a-rèir fhir-ghniomhachais à Steòrnabhagh.
Tha Tormod L. Dòmhnallach ag ràdh gu bheil an t-seirbhies truagh, 's gun gabhadh tè na b'èifeachdaiche a stèidheachadh.
Agus tha ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba Loganair a chuideachadh le plèanaichean ùra a cheannach.