BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Dh'fhàg Johnathan Reynolds a dhreuchd mar mhininstear airson na rèile ann an caibineat nan Làbarach an dèidh an atharrachaidh a thug Jeremy Corbyn air na prìomh dhreuchdan. Thuirt Mgr Reynolds gu bheil e a' dèanamh sin mar thaic do Pat McFadden a chaill a dhreuchd e fhèin mar fhear-labhairt air cùisean Eòrpach. Tha aithrisean ann gun robh Mgr Corbyn mì-thoilichte mu bheachdan Mhgr McFadden an dèidh na ceannairc ann am Paris. Chaidh an Seansalair Làbarach, John MacDonnell às àicheadh gu bheil Mgr Corbyn a' cur casg air saorsa-labhairt anns a' phàrtaidh.

Tha Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte a' gairm coinneimh èiginn an dèidh do Choirea a Tuath innse gun do rinn iad deuchainn shoirbheachail airson a' chiad uair air boma haidhdroidean. Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Philip Hammond, gu bheil a h-uile coltas ann gun tèid tuilleadh chasg-bhannan air Coirea a Tuath. Tha dùthchannan eile ge-tà a' cur teagamh anns an fhiosrachadh a thàinig bho Choirea a Tuath, agus iad ag ràdh nach robh an spreadhadh a bh' ann cho mòr 's a bhitheadh dùil airson deuchainn den t-seòrsa sin.

B' e 2015 a' bhliadhna as miosa fhathast airson bàs am measg luchd-imrich agus luchd-siridh comraich air a' Mhuir Mheadhan-Thìrich air slighe dhan Roinn Eòrpa. Chaill 3,771 duine am beatha an-uiridh - cha-mhòr 500 a bharrachd air na bh' ann ann an 2014.

Tha ceannardan poblachdach anns na Stàitean Aonaichte a' càineadh a' Chinn-Suidhe Obama agus oidhirp air lagh nan gunnaichean a neartachadh. Thuirt Fear-Labhairt Thaigh nan Riochdairean, Paul Ryan, gun tèid dùbhlan a thogail anns na cùirtean an aghaidh nam planaichean, agus thuirt e gu bheil Mgr Obama a' cur às do shaorsa.

Thèid clach mhòr a leagail bho os cion rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal feasgar an-diugh. Thèid a' chlach a spreadhadh agus a dhèanamh sàbhailte. Tha an rathad sin air a bhith dùinte a-rithist an t-seachdain seo chaidh agus aig toiseach na seachdain seo - rud a tha a' piobrachadh iarrtais às ùr anns an sgìre airson leasachaidh mhaireannaich.

Chaidh ceudan dhaoine san Eilean Sgitheanach còmhla mar bhuidhinn air na meadhanan sòisealta 's iad a' gearain air cho truagh 's a tha am bann-leathainn ann an cuid den eilean. Tha an t-seirbheis air a bhith slaodadh ro àm na Nollaige agus chaill cuid ann an ceann an iar-thuath an eilein am bann-leathann gu lèir airson ùine bho chionn ghoirid. Thuirt BT gun tug uisge buaidh air stèisean a tha a' frithealadh air sgìre Dhùn Bheagain, agus gu bheil iad cuideachd ag obair air ionad faisg air a' Bhlàr Dhubh a tha a' toirt sheirbheisean dhan Eilean Sgitheanach.