Buidheann thar-phàrtaidh son seirbheisean adhair?
'S ann tro Riaghaltas na h-Alba a gheibh eileanaich seirbheisean adhair nas fheàrr, a-rèir luchd iomairt.
Tha iad airson 's gun tèid buidheann thar-phàrtaidh a stèidheachadh aig Holyrood, a bhiodh ag amas air seirbheisean nas èifeachdaiche agus faraidhean nas ìsle fhaighinn air slighean Loganair eadar tìr-mòr agus eileanan na dùthcha.
- Air fhoillseachadh
- 6 Am Faoilleach 2016
- Earrann
- Naidheachdan