Draghan mu bhann-leathann Sgitheanach
Tha dragh san Eilean Sgitheanach mu sheirbheis a' bhann-leathainn.
Tha an t-seirbheis air a bhith slaodadh ann an iomadach sgìre bho àm na Nollaig, agus chaidh a chall uile gu lèir ann an Iar-thuath an Eilein bho chionn ghoirid.
Tha còrr is 900 duine a-nis air thighinn còmhla ann am buidhinn air-loidhne agus iad a' cur ìmpidh air BT na ceistean aca a fhreagairt.