BBC Naidheachdan

Sgoil Mharcachd Uibhist soirbheachadh

'S e an t-arm a stèidhich Sgoil Mharcachd Uibhist an toiseach, agus nuair a tharraing iad a-mach à Beinn nam Faoghla chaidh goireasan na sgoile a thoirt dhan choimhearsnachd mar thiodhlac.

Le 20 each san staball an dràsda, tha an sgoil a' tabhainn sheirbheisean marcachd do mhuinntir an àite agus luchd turais, agus a' cuideachadh dhaoine le feumalachdan sònraichte.