BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha mòran air a bhith a' dèanamh luaidh air an t-seinneadair agus fear-ciùil ainmeil, David Bowie. Bha e 69, 's bha e air a bhith a' fulang le aillse bho chionn bliadhna gu leth. Chan eil ann ach trì là, air a chola-breith, bho chaidh an clàr mu dheireadh aige, Blackstar, fhoillseachadh.

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gu bheil iad an dòchas biadh agus stuth eile a chur an-diugh gu baile Madaya ann an Siria a th' air a bhith fo shèist aig feachdan an Riaghaltais. Tha aithrisean ann air daoine a' bàsachadh leis an acras. Tha 40,000 duine glacte sa bhaile, agus tha còrr is dà mhìos ann bho chaidh biadh a chur ann mu dheireadh.

Tha a h-uile coltas gum bi tagradh ann an aghaidh binn còig bliadhna sa phrìosan anns na h-Ìnnsean air fear às Earra-Ghàidheal. Tha Billy Irving, às a' Chonghaill faisg air an Òban, air fear de shianar à Breatainn a th' air a bhith an grèim anns na h-Ìnnsean bho chionn còrr is dà bhliadhna nuair a fhuair ùghdarrasan Ìnnseanach luchd ghunnaichean air an t-soitheach air an robh iad ag obair do chompanaidh thèarainteachd Aimeireaganaich.

Thàinig flù nan eun am follais aig tuathanas chearc ann am Fìobha. Thèid na h-eòin a spadadh, agus thèid cearcall tèarainnte a chur mun làraich ann an Dùn Phàrlainn. Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gur e gnè H5 den ghalar a th' ann, agus ged nach e an gnè as miosa, dh'iarr iad air tuathanaich chearc air feadh Alba a bhith faiceallach.

Chaidh mu 40 sgoilear às Àrd-Sgoil Phort Rìgh a ghlacadh ann an ionnsaigh air a' bhus aca aig port Chalais anns an Fhraing anns a' mhadainn an-dè. Chaidh uinneagan a bhriseadh, agus aithrisean ann gun robh luchd-imrich a' tilgeil chlachan air a' bhus. Cha deach duine a ghoirteachadh, ach b' fheudar cobhair meidigeach a dhèanamh air gille air an tàinig cuairt epileptic goirid an dèidh na h-ionnsaigh. Bha a' chlann a' tilleadh bho thuras sgithidh anns an Eadailt.