Binn còig bliadhna dha Billy Irving
Thugar binn còig bliadhna sa phrìosan do Billy Irving, fear-tearainteachd à Earra Ghaidheal, a chaidh a dhìteadh sna h-Innseachan airson a bhith a' cleachdadh gunnaichean nach robh clàraichte mar a bha còir.
Fhuair còignear Bhreatannach eile binn còig bliadhna sa phrìosan cuideachd.
Chaidh an toirt an grèim 's iad air bòrd soitheach tèarainteachd san Damhair 2013.
Seo Catriona NicFhionghain.