BBC Naidheachdan

Sgoil Phort Rìgh thairis air buidseat

Thèid innse do chomhairlichean na Gàidhealtachd an t-seachdain seo gum bi Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh £1.5m nas daoire na bha iad a' sùileachadh.

Bidh i cuideachd trì mìosan air dheireadh.

Tha Ceannard Ghoireasan Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil ùidh aig dà chompanaidh sa chùmhnant.

Beachdachaidh Comataidh an Fhoghlaim air a' chùis Diciadain.