BBC Naidheachdan

Gearraidhean gan deasbad am Barraigh

Thàinig rabhadh bho cheannard Comhairle nan Eilean Siar gum bu chòir gach coimhearsnachd san sgìre a bhith mothachail mun bhuaidh a dh' fhaodadh gearraidhean an ùghdarrais a thoirt orra.

Bha Aonghas Caimbeul a' bruidhinn is coinneamh phoblach ann am Barraigh Dimàirt mu na gearraidhean a tha san amharc.

Nochd beachd am measg na bha an làthair nach toireadh na gearraidhean buaidh ro mhòr orra leis nach eil cuid de sheirbheisean ri fhaighinn ann am Barraigh.