BBC Naidheachdan

Cogadh nan Con san Aghaidh Mhòir

Nochd farpaisich anns an Aghaidh Mhòir Diardaoin airson rèisean Husky air an deireadh-sheachdain.

Tha dùil ri mu mhìle cù agus cha mhòr dà cheud neach aig an fharpais.

Am-bliadhna, chan eil e cho coltach gum bi iad a' ruith air sneachda, 's an aimsir a' fàs nas blàithe.