BBC Naidheachdan

Buaidh na dibhe an Earra-Ghàidheal

Tha buaidh na dibhe a' fàgail gu bheil eaconomaidh Earra-Ghàidheal is Bhòid a' call £10m sa bhliadhna.

Sin a chuala comhairlichean aig coinneimh den comhairle Diardaoin.

Thuirt cuid, ge-tà, gum feumar a bhith mothachail cuideachd air na buannachdan a tha e a' toirt dhan sgìre.