Airgead a bharrachd dhan A83
Cosgaidh Riaghaltas na h-Alba £6.6m air rathad an A83 ann an Earra-Ghàidheal.
Thèid cuid den airgead a chosg gus piseach a thoirt air seann rathad an airm, a tha ga chur gu feum nuair a tha an A83 fhèin dùinte aig an Rest And Be Thankful.
Tha muinntir Earra-Ghàidheal ag ràdh ge-tà, gum feum fuasgladh maireannach fhaighinn air trioblaidean an A83.
- Air fhoillseachadh
- 26 Am Faoilleach 2016
- Earrann
- Naidheachdan