BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Cho-dhùin sgrùdadh gu bheil Tesco an dèidh a bhith a' cur maill air pàigheadh gu daoine a tha a' reic riutha, rud a tha an aghaidh còd laghail. Lorg an sgrùdadh cuideachd gun robh iad a' gearradh pàighidh gun a bhith ag innse.

Tha frasan uisge agus gaoth làidir a' toirt buaidh air còmhdhail air feadh na dùthcha. Tha an A1 aig Dùn Bàrr dùinte gach taobh às dèidh mar a chuir a' ghaoth dà làraidh air an cliathaichean. Air an M8 dh'fhalbh a' ghaoth le dà phortacabin a bh' air làraidh. Tha cuid de sheirbheisean aiseig dheth, agus tha maill air mòran eile. Cuideachd tha SEPA air 40 rabhadh mu thuiltean a chur a-mach.

Tha an àireamh de thubaistean a bh' air an A9 air tuiteam anns a' chiad bhliadhna a bha na camarathan-astair chuimheasaich ann. Chaidh dithis na bu lugha a mharbhadh, agus chaidh 16 na bu lugha a dhroch ghoirteachadh ann an tubaistean eadar Dùn Bhlathainn agus Inbhir Nis. Eadar an t-Iuchar agus an Dùbhlachd an-uiridh cha deach duine a mharbhadh air an A9. Cha do thachair sin bho na 70an.

Tha na Poilis a' coimhead ri tubaist-rathaid ann an Rutherglen a dh'fhàg balach, 14, anns an ospadal mar oidhirp air murt. Chaidh am balach a bhualadh le Vauxhall Corsa feasgar na Sàbaid.

Ceud là bho an-diugh bidh muinntir na h-Alba a' bhòtadh ann an taghadh Holyrood. Tha na cunntasan beachd a' cur an SNP pìos math air thoiseach air na pàrtaidhean eile.

Tha còmhraidhean gan cumail an-diugh gus fuasgladh air choireigin fhaighinn air buidseatan nan ùghdarrasan ionadail. Coinnichidh àrd-chomhairlichean bho na prìomh phàrtaidhean ri Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, agus iad a' sùileachadh barrachd mìneachaidh bhuaithe air na tha iad a' faighinn bhon Riaghaltas.