BBC Naidheachdan

Dragh mu Eaglais na h-Aoidhe

Tha tè de na h-eaglaisean as sinne anns na h-Eileanan an Iar ann an cunnart tuiteam dhan mhuir.

Tha droch shide a' Gheamhraidh air pàirt den bhalla a tha a' dion Eaglais na h-Aoidh san Rubha a leagail.

Tha eagal ann a-nise gum falbh barrachd den togalach ma thig stoirm eile.