BBC Naidheachdan

Gym ùr Stafain

Gach bliadhna ùr, bidh gu leòr de dhaoine a' tòiseachadh air eacarsaich agus a' dol dhan gym.

Tha an cothrom sin aca ann an Stafain a-nise agus a' choimhearsnachd air gym ùr a thogail dhaibh fhèin.

Às dèidh beachdan a thrusadh air dè bu chòir a dhèanamh le àite falamh os cionn Talla Stafain, chaidh an goireas ùr a thogail aig deireadh 2015.

Tha iad mar tha air buill a bharrachd fhaighinn na bha iad an dùil.