BBC Naidheachdan

Philip Gormley an Steòrnabhagh

Gheall Ceannard ùr nam Poileas ann an Alba gun tèid sùil a thoirt air mar a tha seirbheisean gan ruith ann an sgìrean iomallach.

Air chuairt dha na h-Eileanan Siar, thuirt Philip Gormley gun coimhead e cuideachd air siostaman conaltraidh, agus na h-ionadan-fòn ann an Inbhir Nis agus Obar Dheathain gan dùnadh.