BBC Naidheachdan

Ceum eile do Bhile Foghlam na h-Alba

Tha Pàrlamaid na h-Alba air taic a chur ri Bile ùr an Foghlaim, agus ri rùn a nì e nas doirbhe do Chomhairlean iarrtasan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhiùltadh.

'S e am ball Uaineach, Iain Finnie, a bh' air an rùn sin a chur air adhart, 's am bile ga dheasbad aig an ìre mu dheireadh.