BBC Naidheachdan

Càraichean dealain a' soirbheachadh

Is coltach gu bheil pròiseact airson càraichean dealain ann am Muile a' soirbheachadh gu mòr.

Tha Urras Mhuile 's Ìdhe a' ruith sgeama a tha ag amas air grunn sheòrsaichean còmhdhail seasmhach, 's tha càraichean dealain nam measg - rud a dh'fhaodadh a bhith na dhùbhlan a bharrachd 's dòcha, ann an sgìre dhùthchail.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.