BBC Naidheachdan

341 a' fàgail le an toil fhèin

Tha 341 duine a' dol a dh'fhàgail an dreuchdan aig Comhairle na Gàidhealtachd le an toil fhèin.

Tha aig an ùghdarras ionadail ri faisg air £40m a chùmhnadh am-bliadhna.

Tha an sgeama cosnaidh mar phàirt den oidhirp sin.

Thèid am buidseat a dheasbad 's a stèidheachadh aig coinneimh an ath-sheachdain.

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.