Blas ann an cunnart
Tha cunnart gun tèid an fhèis chiùil, Blas, à bith air sgàth gearraidhean aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha a' Chomhairle am beachd a' chuid mhòr den airgead a tha iad a' cumail ri Blas a ghearradh.
Ach tha an fhèis ag ràdh gu bheil e mì-chothromach, 's gu bheil a' Chomhairle a' diòladh air Blas seach buidhnean eile.
- Air fhoillseachadh
- 23 An Gearran 2016
- Earrann
- Naidheachdan