Gearraidhean aig Comhairle na Gàidhealtachd

Gheàrr Comhairle na Gàidhealtachd faisg air deich thar fhichead millean not bhon bhuidseat aca.

Ach chaidh a' choire gu ìre mhòr a chur air riaghaltasan Westminster agus na h-Alba.

Ron choinneimh, thog cuid de chomhairlichean neo-eisimeileach fianais an aghaidh mar a tha Riaghaltas na h-Alba fhathast a'diùltadh cead, airgead a thogail air a'chìs chomhairle.

Ach aig a' cheann thall - an dèidh aonta eadar buidhean Riaghalaidh nan Neo-eisimeileach agus buidhean dùbhlanach an SNP, chaidh cuid de na gearraidhean bu chonnspaidiche a sheachnadh.

Nam measg, taic do sgìrean bochda agus an fhèis Blas a thèid a-nis a shàbhaladh.

Air fhoillseachadh