Cabhag a dhìth a thaobh an fhearainn
Feumaidh coimhearsnachdan a tha a' beachdachadh air feuchainn ri sealbh fhaighinn air an fhearan gluasad gu sgiobalta.
'S e sin a thuirt Cathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Lorne MacLeòid.
Bha e a' bruidhinn is Ministear Ath-leasachaidh an Fhearain, Aileen NicLeòid air chuairt ann an Uibhist Diluain.