Faochadh do sgoilearan Dhùn Èideann
Gheibh a h-uile sgoilear Gàidhlig ann an Dùn Èideann àite ann an Àrd Sgoil Sheumais Ghilleasbaig air an ath-bhliadhna sgoile.
Thàinig dearbhadh bho Chomhairle a' bhaile Dimàirt, às dèidh dhaibh moladh gus àitichean a dhiùltadh do sgoilearan Gàidhlig a leigeil seachad.
Thàinig a' Chomhairle fo chuideam sin a dhèanamh, le Bòrd na Gàidhlig a' bagairt an toirt gu lagh.
Chuir pàrantan agus luchd-strì fàilte air a' ghluasad.