BBC Naidheachdan

Annas san adhar

Chuir mòran dhaoine fios chun na poilis air a' Ghàidhealtachd, ann am Peairt agus Siorrachd Obar Dheathain Diluain, is uallach orra mu lasair shoilleir san adhar, agus fuaim a bha coltach ri tàirneanaich.

A rèir eòlaichean-speuradaireachd, 's e meteor a bh'ann.