Taic-airgid do phròiseactan Gàidhealach
Tha pròiseactan-coimhearsnachd sa cheann a tuath air grantaichean luach nam milleanan notaichean fhaighinn bho Stòras Crannchair na h-Alba.
Fhuair Urras Leasachaidh a' Chaoil Chataich còrr air £1m airson ionad-turasachd a thogail aig Eas Shìn.
Anns an Eilean Sgitheanach, fhuair companaidh-coimhearsnachd an Ath Leathainn 'san t-Srath £1.1m airson làrach campachaidh a thogail.