Diùc Leòdhais is linn ùr ann an Siabost
Tha Camanachd Leòdhais a' dèanamh deiseil 'son linn ùr a thòiseachadh Disathairne.
Tha na Leòdhasaich a-nise fo stiùir Dhonnchaidh Mhic an t-Saoir is Cabair Fèidh aca sa chiad gheama.
Bidh iad ag amas air togail air an adhartas a rinn iad thuige seo.
Am measg nan cluicheadairean as cudromaiche a bhios aca, a-rithist, bidh Pòl Diùc.
'S ann am Baile Ùr an t-Slèibh a dh'ionnsaich Pòl iomain, eòlas a tha e a' cur gu feum gus an spòrs a leasachadh ann an Leòdhas.