Am Baile Ùr 'son an inbhe a ghlèidheadh
Tòisichidh Baile Ùr an t-Slèibh seusan ùr na h-iomain leis an amas an t-àite mar phrìomh sgioba na spòrs a ghlèidheadh.
Bidh dàil orra is bàs san sgìre a' fàgail nach eil geama aca Disathairne.
Nuair a gheibh iad gu dol, bidh am Baile Ùr a' cur romhpa a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh 'son an 7mh turas ann an sreath.
Bidh iad cuideachd ag amas air na cupanan.
Ged a bhuannaich iad Cupa MhicAmhlaidh an-uiridh, 3-1 an aghaidh Inbhir Aora sa chuairt dheireannaich, bha briseadh-dùil aca ann an Cupa na Camanachd is Cupa MhicThàmhais.
Bidh am Baile Ùr ag amas air sin a chur ceart am-bliadhna.