BBC Naidheachdan

Co-chomhairle air airgead gaoithe

Thòisich companaidh a th' airson 16 crann a thogail air iomall Steòrnabhaigh a' sireadh bheachdan air mar a ghabhadh an t-airgead a thig dhan choimhearsnachd a chur gu feum.

Dh' fhaodadh gum faigh an sgìre grunn mhuilleanan notaichean gach bliadhna bhon sgeama aig Lewis Wind Power.