Bhòt Bhile an Fhearainn
Bhòtaidh Pàrlamaid na h-Alba Diciadain air Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn.
Tha an Riaghaltas ag ràdh gun toir e còirichean làidir do thuathanaich màil 's do choimhearsnachdan, ged a tha uachdarain diombach.
Tha dùil gun tèid am bile troimhe, ach bidh buill cuideachd a' bhòtadh air molaidhean 'son susbaint mhionaideach a' bhile atharrachadh.