BBC Naidheachdan

Teicneòlas didseatach air Ghàidhealtachd

Fhuair companaidhean na Gàidhealtachd 's nan Eilean brosnachadh Diardaoin, barrachd feum a dhèanamh de theicneòlas didseatach 's an t-eadar-lìon.

Chuala co-labhairt ann an Eden Court ann an Inbhir Nis bho leithid Google, Microsoft agus IBM.

'S iad Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a chuir air dòigh e.