BBC Naidheachdan

A' gearradh sìos air carbon

Fhuair grunn dhaoine air taobh siar Leòdhais cothrom ionnsachadh ciamar a dh'fhaodadh atharrachaidhean beaga anns an dòigh dràibhidh aca connadh a shàbhaladh.

Tha Urras Coimhearsnachd Horsiadar a' cur air adhart trì latha de thrèanadh le fear aig a bheil sgoil-dràibhidh air tìr-mòr.

Chaidh Dòmhnall MacLaomainn a dh'fhaighinn a mach ciamar a tha an trèanadh a' dol.