BBC Naidheachdan

Sgoil Ghàidhlig eile do Ghlaschu?

Tha Comhairle Baile Ghlaschu a' beachdachadh air sgoil Ghàidhlig eile a stèideachadh sa bhaile 's gun an dàrna sgoil aca air fosgladh fhathast.

Tha mì-thoileachas am measg phàrantan, agus cuid de theaghlaichean fhathast a' feitheamh fios, am faigh an cuid chloinne àite ann am Bun-sgoil ùr Ghleann Dail san Lùnasdal, agus coltas gu bheil an togalach mar thà ro bheag airson na tha ag iarraidh a dhol innte.