Cìobair a' leigeal dheth a dhreuchd aig 83
Leigidh fear a bha na chìobair fad iomadh bliadhna air Ghàidhealtachd dheth a dhreuchd aig deireadh na mìos, an dèidh 43 bliadhna.
Tha Dòmhnall Macleòid air a bhith ag obair dha teaghlach às an Danmhairc a tha am measg an fheadhainn as beartaiche san t-saoghal.
Ach tha Dòmhnall, a bhuinneas do Ratharsair, a-nis 83, agus 's fhada bho bha a bhean, Anna, ag iarraidh gun gluaiseadh iad gu àite far a bheil barrachd ghoireasan.
- Air fhoillseachadh
- 22 Am Màrt 2016
- Earrann
- Naidheachdan