Càineadh air seirbhisean cùraim sna h-Eileanan
Chaidh càineadh a dhèanamh air cùram do sheann daoine as na h-Eileanan an Iar le Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim agus Leasachadh Cùram Slàinte na h-Alba.
Thog an aithisg air dìth co-obrachaidh eadar ceannardan a' bhùird slàinte agus an t-ughdarras ionadail.
Chaidh a ràdh gu tàinig seo am bàrr agus dàil mhòr ann ro thric ann a bhith a' leigeil dhaoine a-mach as an ospadal leis nach eil cothrom aca air cùram fhaighinn san dachaigh, neo ann an dachaigh-cùraim.