BBC Naidheachdan

A' dèanamh deiseil son Bun Sgoil Ghleann Dail

Chan eil ann ach 6 seachdainnean a-nis gus an gluais cuid de sgoilearan bho Bhun Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu dhan sgoil ùr aig Bun Sgoil Ghleann Dail, ann am Pollokshields.

Tha sgoil Ghàidhlig agus sgoil Bheurla gu bhith còmhla air an aon làraich, ann an coimhearsnachd ioma-chultarail, far a bheil còrr is fichead cànan a-measg chloinne na sgìre.