Taic 'son cosgaisean cumhachd san Rubha
Cuiridh Urras an Rubha agus Shanndabhaig, agus Taighean Innse Gall pròiseact air a bhonn anns a bheil luach cha-mhòr £400,000 airson dèiligeadh ri bochdainn connaidh san sgìre.
Le taic bho Stòras Atharrachaidh na Sìde, thèid dithis fhastadh airson solais LED a chur gu gach dachaigh san Rubha agus Sanndabhaig, rud a shàbhaileas £100 sa bhliadhna air cosgaisean cumhachd.
Tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris.