Seirbheis ùr Loch Baghasdail agus Malaig
'S e Dihaoine a chiad là den t-seirbheis ùir làitheil eadar Loch Baghasdail agus Malaig.
Ged a choilean an MV Lord of the Isles a' chiad sheòladh anns a' mhadainn, b' ann às an Òban a bha an t-aiseag a' tilleadh a Loch Baghasdail feasgar agus droch aimsir a' toirt buaidh.
A dh'aindeoin nan trioblaidean, tha misneachd gu leòr aig daoine fhathast gun obraich an t-seirbheis.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.